SCHARP Blog

What's going on with Scotland's eroding coastal heritage

Deagh àrceolas, deagh chuideachd, is deagh aimsir ann An Leòdhas

“Chan ann tric a tha e mar seo” thubhairt Anndra fhads a bha e a’ stiùireadh a’ bhàta tro uisgeachan àlainn Caolas Phabaigh, air latha breatha samhraidh.  Bha sinn air ar slighe a’ Phabaigh Mhòr air taobh siar Leòdhais, le buidheann de luchd-obrach saor-thoileach airson tadhal air làraich arc-eòlach eadar-dhealaichte, a bha muinntir na sgìre air a bhith cumail sùil airson grunn bhliadhnaichean.

Magical Pabaigh Mor

Magical Pabaigh Mor

Bha a’ chiad fhear furasta ri fhaicinn leis gun robh sreathan de shligean, luath-mònach agus clachan a’ nochdadh a-mach as a’ ghainmheach air an tràigh far an d’ thàinig sinn air tìr.  Chunnaic sinn pìosan obair-crèadha agus cnàimhean bheathaichean.

Jill with her find

Jill with her find

Bone point or awl

Bone point or awl

Mhothaich Jill, tè a tha ag obair gu saor-thoileach, pìos cnàimh biorach sa ghainmheach bhon togalach.  Bha coltas pìos a bhiodh air a chleachdadh airson toill a chuir ann an leathar.  Thog Jill dealbh dheth mus an do thog i e agus chlàr i far an deach a lorg, gus am biodh fios aig an taigh-tasgaidh far an deach an lorg.  Dh’fhaodadh gun robh an duine mu dheireadh a làimhsich seo a fuireach san togalach, bho chionn 2000 bliadhna.  Chan urrainn dhuinn a bhith nas cinntich mun t-àm, seach nach deach mòran rannsachadh a dhèanamh air an làrach fhathast.  Sheall rannsachadh gun robh uaigh faisg air an togalach seo bhon Linn Uamh, timcheall air 3000 RC, ach dh’fhaodadh gu bheil sin nas sinne na an taigh.

Settlement mound at Gabhsann

Settlement mound at Gabhsann

Tha làraich mar seo air feadh nan Eilean Siar agus na h-eileanan mu Thuath.  Bhiodh ginealach as dèigh ginealach de dhaoine a’ togail an cuid dhachaigh air an aon làrach.  Tha làrach mar seo ri fhaicinn ann an Gabhsann, air taobh siar Leòdhais, far a bheil e sealltainn gun robh daoine a’ fuireach air an làrach airson co-dhiù mile bliadhna, bho Linn an Iarainn gun a Lochlannaich.  Tha àrdachadh ìre na mara tharais air na 10,000 bliadhna mu dheireadh, a’ ciallachadh gu bheil mòran dha na làraich a tha seo sna h-Eileannan an Iar agus mu Thuath air a’ chosta a-nise, agus bho buaidh na mara.

‘S e Gabhsann aon de na làraich a tha clàraichte air an Mapa de Làraich ann an Cunnart againn, agus aon de na làraich arc-eòlach is chì sibh timcheall costa Leòdhais.  Tha cuid aig bàrr creagan no fada gu leòr bhon chosta ‘s nach eil iad ann an cunnart bhon mhuir.  Ach tha làraich eile mar Gabhsann agus Pabaigh Mòr ann an suidheachadh cugallach.  Tha stuthan agus fianais ùr rim faicinn gu math tric, rud a tha ciallachadh gu bheil e cudthromach gu bheil daoine ionadail a’ cumail sùil air na làraich.

Ellie and Sandy recording an eroding promontory fort bank at Rubha Shilldinis

Ellie and Sandy recording an eroding promontory fort bank at Rubha Shilldinis

Tha an ath ghinealach mar-thà a’ beachdachadh air mar a ghabhas na làraich seo a bhith air an taisbeanadh chun phobaill.  Tha seo air a dhèanamh le taic bho Oifigear Taic Include-Us na sgìre, Dòmhnall MacSuain.  Dh’innse Dòmhnall dhuinn mu dà latha mhìorbhaileach a chuir sinn seachad le sianar òigridh

Bha dà latha inntinneach again ann an Comunn Eachdraidh Nis, le òigridh bhon Taobh Siar agus Nis. Bha iad ann airson coimhead ri dòighean eadar-dhealaichte làraich eachdraidheil agus chultarail a thoirt gu aire luchd-turais.  Chuir iad seachad a’ chiad latha a’ rannsachadh diofar eisimpleirean de dh’obair turasachd rim faicinn sna h-eileanan an-dràsta, eisimpleirean de theicneòlas ùr a thathar a cleachdadh ann an goireasan luchd-turais, agus cuspairean eile co-cheangailte ri turasachd.  Chaidh sinn uile a-mach an uairsin air turas timcheall sgìre Nis, far an robh an òigridh a’ cluinntinn mu sgeulachdan co-cheangailte ris an sgìre, a’ coimhead ri làraich arc-eòlach agus a’ faighneachd cheistean air na diofar chuspairean.

Include-Us team with Dragons

Include-Us team with Dragons

Bha an dàrna latha air a cuir seachad anns a’ Chomunn Eachdraidh, agus an òigridh air an roinn ann an dà sgioba agus ag ullachadh airson taisbeanadh an cuid bheachdan ann an suidheachadh coltach ri ‘Dragons Den’, am prògram telebhisean.  An deigh a-mhadainn a’ chuir seachad a’ rannsachadh agus a’ beachdachadh air dè bhiodh aca, chuir an dà sgioba ri chèile taisbeanaidhean.  Thagh gach sgioba ‘app’ airson fònaichean-làimh, far am biodh làraich agus sgeulachdan na sgìre air an sealltainn.  Chaidh aon dha na sgiobaidhean a thaghadh mar an fheadhainn a’ bhuannaich, ach bidh an dà bhuidheann a’ tighinn còmhla gus app a’ chuir ri chèile tharais air mìosan an t-samhraidh.

 

Lunch stop with our friends from Lews Castle College UHI  and Aberdeen University at Loidse Mhorsgail sheilings

Lunch stop with our friends from Lews Castle College UHI and Aberdeen University at Loidse Mhorsgail sheilings

Tharais air a’ cheala-deug a chuir sinn seachad ann an Leòdhas, thug na daoine air an do chuir sinn eòlas an t-uamhas fiosrachaidh dhuinn mu làraich eachdraidheil agus na sgeulachdan timcheall a’ chosta.  Bha mòran dhaoine agus buidhnean an sàs san turas againn ‘s mar sin bu chaomh leinn taing a thoirt dha Comunn Eachdraidh Nis airson goireasan, biadh agus taic; Dòmhnall MacSuain bho Include-Us airson taic agus obair ionadail; an òigridh airson an obair ionmholta a rinn iad;  taing gu Anndra McVean airson ar toirt a-mach gu Pabaigh Mòr; tapadh leibh na ‘Dragons’ – Lisa NicIllEathain bho Urras Oighreachd Ghabhsainn, agus Mark Elliot is Deborah Anderson bho seirbheis Taigh-tasgaidh agus Dualchas Chomhairle nan Eilean Siar; taing gu Màiri NicLeòid Colasite a’ Chaisteil UHI; taing gu oileanaich UHI, chòrd e rinn gu mòr a bhith còmhla riubh a-rithist; taing gu Jann Skelly airson a h-uile càil; tapadh leat Jim Crawford airson innse dhuinn mun fhiosrachadh a tha thu air a bhith rannsachadh; agus TAPADH LEIBH UILE chun a h-uile duine a tha ag obair còmhla ri ShoreUPDATE gu saor-thoileach – tha sinn coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ruibh.

ShoreUPDATE site visit to Dun Borranais, Traigh Uig

ShoreUPDATE site visit to Dun Borranais, Traigh Uig

Advertisements

Leave a Reply

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s

Information

This entry was posted on July 7, 2013 by and tagged , , , , , , , .
%d bloggers like this: